Am Faigh a' Ghàidhlig Bàs? (Dán)
Cuma
Foirm cheoil | dán |
---|---|
Teanga an tsaothair nó an ainm | Gaeilge na hAlban |
Is dán é Am Faigh a' Ghàidhlig Bàs?. Niall MacLeòid a chum tuairim is céad bliain ó shin. Rugadh Niall MacLeòid sa Ghleann Dail, An t-Eilean Sgiathanach, sa bhliain 1843. Bhí a athair, Dhòmhnaill MacLeòid, ina cheannaí. Bhí sé freisin ina bhard aithnidiúil agus d'fhoilsigh sé leabhar filíochta sa bhliain 1811.
Scríobhadh dán MhicLeòid faoin am a ghnóthaigh J.S.Blackie aitheantas acadúil méadaithe do Nua-Ghaeilge na hAlban (seachas An tSean-Ghaeilge agus Mheán-Ghaeilge na bhFiann agus Chú Chulainn) in Ollscoileanna na hAlban, agus mar sin an tagairt dó sa chéad véarsa. (is a dh' aindeoin buaidh Mhic-Ille-Dhuibh)
Am Faigh a' Ghàidhlig Bàs
[cuir in eagar | athraigh foinse]- Tha móran sluaigh am beachd an diugh
- nach 'eil ar cànain slàn,
- nach fhada chluinnear fuaim a guth,
- nach teid i chaoidh na 's fheàrr;
- gu 'm bheil an aonta bh' aic' air ruith,
- nach tog i ceann gu bràth;
- is a dh' aindeoin buaidh Mhic-Ille-Dhuibh
- gu 'm faigh a' Ghàidhlig bàs.
- Tha siol nan sonn 'g an cur air chùl
- is am fearann 'g a chur fàs;
- tha féidh is caoraich air gach stùc
- mu 'n robh na laoich a' tàmh;
- tha cinneach eil' air teachd do'n ùir,
- is ag éirigh suas 'n an àit',
- tha toirt am bòidean air gach dùil
- gu 'm faigh a' Ghàidhlig bàs.
- An leig sinn eachdraidh chaomh ar tìr
- a sgrìobadh de gach clàr,
- is a Ghàidhlig chòir a chur a dhìth
- le linn nach tùig a gnàths?
- A' chànain aosda, ghlòrmhor, bhinn,
- a dhuisgeadh fuinn nam Bàrd,
- am fan sinn diomhanach gun suim
- is daoi 'g a cur gu bàs?
- Dùisg suas, a Ghàidhlig, 's tog do ghuth,
- na biodh ort geilt no sgàig;
- tha ciadan mìle dìleas duit
- nach dìobair thu 's a' bhlàr;
- cho fad' 's a shiùbhlas uillt le sruth,
- is a bhuailleas tuinn air tràigh,
- cha 'n aontaich iad an cainnt no 'n cruth
- gu 'n teid do chur gu bàs.
- A' chainnt a dh' fhoillsich cliù nam Fiann,
- is an gaisge dian 's gach càs;
- tha 'n euchdan iomraiteach bho chian
- ag àrach miann 'n an àl;
- na leómhainn threun nach d' thug le fiamh
- an cùlaibh riamh do nàmh,
- tha iomadh gleann, is cnoc, is sliabh,
- a' luaidh air gnìomh an làmh.
- Cha 'n eòl dhuinn ceàrn an ear no 'n iar,
- no fonn mu 'n iadh an sàl,
- nach faighear cuid an sin dhe 'n sìol
- a' liadachadh 's a' fàs,
- tha 'g altrum suas, le dùrachd dhian,
- gach sgialachd agus dàn,
- a bhiodh an sinnsearan a' sniomh
- an tìr nan sliabh 's nam bàgh.
- Ach 's geàrr a bhios an ùin' a' triall
- gu 'm faic sinn, mar is àill,
- a' Ghàidhlig mhùirneach, mar ar miann,
- an cathair inbhich, àird;
- a' sgaoileadh eòlais, tùigse, 's ciall
- bho h-ionmhasan nach tràigh;
- is a' taisbeanadh le neart a rian
- nach teid i 'n cian so bàs.
- N sin togaidh i le buaidh a ceann,
- le aoibhneas nì i gàir;
- a teudan gleusaidh i gu teann
- le cridhe taingeil, làn;
- gu 'n cluinn Mac-talla feadh nan gleann
- gach doire 's allt cur fàilt',
- is an osag chiùin air bàrr nam beann
- a' giùlan fonn a dàin.
- Ach buaidh is piseach air na laoich
- tha seasmhach air a sgàth,
- chaidh àrach ann an tìr an fhraoich,
- ge sgaoilt' an diugh an àl;
- ged chaidh an sgapadh air gach taobh,
- cha chaochail iad an gnàths;
- cha 'n fhàs an eachdraidh lag le aois,
- is cha 'n fhaigh a' Ghàidhlig bàs.