Camanachd Ghlaschu

Ón Vicipéid, an chiclipéid shaor.
Infotaula de cançóCamanachd Ghlaschu

Chum Màiri NicDhòmhnaill (Màiri Nighean Iain Bhàin) an dán Camanachd Ghlaschu.. Tá an t-amhrán seo ar fáil san DD & teip leis an teideal Catherine-Ann MacPhee sings Màiri Mhòr (ar díol ó 'Greentrax Recordings', 1994 CDTRAX 070).

Camanachd Ghlaschu[cuir in eagar | athraigh foinse]

'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd,
'S i seo a' Bhliadhna Ùr thug sòlas duinn;
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd.
'S iad gillean mo ghràidh tha an Glaschu nan sràid,
Is fhada bho àite an eòlais iad.
'S ann goirid ron Challainn a chruinnich an comann,
'S a chuireadh an iomain an òrdugh leòtha.
Nuair thàinig an t-àm gun chruinnich na suinn,
'S bha caman an làimh gach òigeir dhiubh.
Aig aon uair deug a rinn iad an triall,
Le pìob 's bu bhrèagha an còmhlan iad.
Nuair ràinig na sàir gu ionad a' bhlàir,
Gun chuireadh gun dàil an òrdugh iad.
Bha glainneachan làn dhen Tòisidheachd a b' fheàrr,
Is aran is càise còmhla ris.
Bha bonnaich gun taing is pailteas dhiubh ann,
'S clann-nighean nan gleann gan còcaireachd.
Nuair roinneadh na laoich 's a ghabh iad an taobh,
Bha mise air an raon toirt còmhdhail dhaibh.
'S e an sealladh as brèagha a chunnaic mi riamh,
Gach òigear gun ghiamh 's a chòta dheth.
Gach fleasgach gun mheang 's a chaman na làimh,
'S a' chnapag le srann ga fògar leòtha.
Bha cuid dhiubh cho luath ri fèidh air an ruaig,
'S cha chluinnte ach "A-suas i, Dhòmhnaill," leotha.
'S ann ann a bha an ealain le glagadaich chaman,
'S gach curaidh cur fallais is ceòthain dheth.
Bha duine gun chearb le siosa-cot dearg,
'S cha bhiodh am boc-earba còmhla ris.
Fear eile gun ghiamh 's a chiabhagan liath,
Chuir 'tigh' i bhàrr fiacail mòran diubh.
'S e duine gun tùr nach faiceadh le shùil,
Gun robh iad bho thùs an òige ris.
Nuair chuireadh am blàr gun choisich na sàir
Le pìob gu Sràid an Dòchais leòtha.
Suidhibh, a chlann is gabhaidh sinn rann,
Gun cuirear an dràm an òrdugh dhuibh.
Gun dhealaich na suinn mar thàinig iad cruinn,
Len cridheachan coibhneil, 's b' òrdail iad.

Tagairtí[cuir in eagar | athraigh foinse]